#fèislitalba

fèislitalba-header

Tha e na amas do dh’FhèisLitAlba a bhith a’ comharradh gach meur de litreachas na h-Alba, a’ gabhail a-steach litreachas agus cànan na Gàidhlig. Mar sin, tha fàilte ro dhuine sam bith #fèislitalba a chleachdadh a cheart cho math ri #scotlitfest air Twitter, Facebook, Google Hangout is mar sin air adhart. Bidh deannan thachartas Gàidhlig againn ri linn na Fèise agus bidh artagailean cunbhalach sa Ghàidhlig a’ nochdadh.

Tim ArmstrongTim Armstrong

Cheumnaich Tim Armstrong bho Shabhal Mòr Ostaig UHI ann an 2006 le BA Cànan is Cultar na Gàidhlig agus chrìochnaich e PhD Sòiseo-chànanachas bho UHI ann an 2009. Choisinn e Duais Ciad Leabhair sa bhliadhna 2013 leis an nobhail scifi Ghàidhlig Air Cuan Dubh Drilseach.

 

Meg Bateman

Rugadh Meg Bateman ann an Dùn Èideann an 1959. Thug i a-mach ceum an Ceiltis ann an Oilthigh Obar Dheathain far an robh i a’ teagasg airson iomadh bliadhna. Bidh i a-nise a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S iad litreachas agus feallsanachd na cuspairean-teagaisg aice, agus bha i an sàs ann an ‘Uinneag dhan Àrd an Iar’, pròiseact mu ealain lèirsinneach na Gàidhealtachd. Tha i air trì cruinneachaidhean bàrdachd Ghàidhlig a thoirt a-mach, le eadar-theangachadh gu Beurla, agus dheasaich is dh’eadar-theangaich i trì duanairean de bhàrdachd is laoidhean meadhan-aoiseach, cràbhach, is na 17mh linn.

alisonAlison Lang

Bidh Alison Lang a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha i na neach-deasachaidh Gàidhlig airson Sandstone Press, agus tha i cuideachd air leabhraichean a sgrìobhadh airson Clàr agus Acair Books. Tha i air bruidhinn aig fèisean leabhraichean Dhùn Èideann, Ulapuil, agus Aye Wright, agus chaidh na leabhraichean aice ainmeachadh air geàrr-liostaichean nan duaisean Dhòmhnaill Mheek agus Comann na Croise.

Peter MacKayPàdraig MacAoidh

Sgrìobh Pàdraig MacAoidh an leabhar bhàrdachd Gu Leòr / Galore, a thàinig a-mach le Acair ann an 2015, agus pamflaid,From another island, a dh’fhoillsich Clutag ann an 2010. Tha e na òraidiche ann an litreachas aig Oilthigh Chill Rìmhinn, agus bha e roimhe na fhear-naidheachd aig a’ BhBC. Tha e a’ fuireach ann an Dùn Èideann.